|
Taghamh bho Sgriobtuirean Creidimh nam Bahà'i
|
|
URNUIGHEAN IS BEACHD–SMAOINTEAN Dean dìcheall, guidh agus dean ùrnuigh ri Dia gu fàs, bho latha gu latha, do sheasmhachd is do bhunailteas agus gun dealraich do ghnùis troimh sholuis do threòrachaidh. 'Abdu'l-Bahá (Dòigh Naomh na Beatha, p.30)
* * * Cuir do dhòchas ann an deagh-ghean do Thighearna guidh agus dean ath-chuinge Ris am meadhon oidhche agus moch 's a' mhaduinn, mar a ghuidheas am bochd agus am braighdeanach. Tha e mar fhiachaibh ort pilleadh ri Rìoghachd Dhé, ùrnuigh a dheanamh, athchuinge a chuir suas, agus aslachadh anns gach tràth. Is ann mar seo a dh'éireas an t-anam suas gu bàrr tiodhlaic Dhé. 'Abdu'l-Bahá (Dòigh Naomh na Beatha, p.33)
* * * Seinn, O mo sheirbhiseach, rann Dhé, a fhuair thu, mar a sheinn iadsan a theann dlùith Ris-san, a chum gun brosnaich milseachd do chùil t'anam féin agus gun tàlaidh e cridhe nan uile dhaoine. Ge b'e a ghabhas ann an uaigneas a sheòmair, na ruinn a dh'fhoillsich Dia, sgapaidh ainglean-sgaoilidh an Uile-chumhachdaich air gach taobh cùbhraidheachd nam briathran a dh'aithris a bheil agus bheir e air cridhe gach firein gun dean e plosgairtich. Ged dh'fhaodas e, an toiseach, a bhi gun fhaireachadh air a chumhachd, gidheadh feumaidh éifeachd a ghràis a bhuilicheadh air, air a cheann thall, buaidh a thoirt air anam. Air an dòigh seo roimh-òrduicheadh le Toil an Tì is e tobair cumhachd is gliocais, diomhaireachd Taisbeanaidh Dhé. Bahá'u'lláh (Dioghluim, CXXXVI)
* * * Mhic an t-Soluis! Bahá'u'lláh (Facail Falaichte 16)
* * * O thusa charaid naoimh! Shir thu tuigse an athchuinge. Biadh fhios agad gu bheil ùrnuigh neo-sheachnach is cùmhnantach agus cha mhaithear do dhuine, ge b'e air bith a leisgeul, saor o bhith air bheag céille, no bacadh thar a chomais a chuireas stad air, nach dean e an ùrnuigh. Is e seo tuigse an ath-chuinge, gu bheil e deanamh ceangal eadar an t-seirbhiseach is an Tì Fior, a chionn gun tionndaidh duine, 'san staid sin, le uile chridhe agus anam a ghnùis gu A Mhòrachd, An t-Uile-chumhachdach, a sireadh a chochomuinn agus ag iarraidh a Ghràidh agus Iochd. 'S e an. sò1as is motha do fhear-gaoil, còmhradh ri a leannainn agus is e an tiodhlac is motha dhàsan a shireas eò1as fhaotainn air cuspair a mhiann. Is ann mar seo an dòchas is motha aig gach uile anam a tha air a thàladh gu Rìoghachd Dhé, gum faigh e cothrom Fear a Ghràidh aslachadh is iarraidh gu dòrachdach, guidhe air A Thròcair is A Ghràs, a bhith air a thumadh ann an cuain A Labhairt, A Mhaitheanais 's a Thoirbheartais. A thuilleaclh air seo, tha ùrnuigh is trasgadh 'na aobohar mosglaidh is cùraim, agus a' comh-chuideachadh gu tearmuinn is teàrnadh bho dheuchainn. 'Abdu'l-Bahá (Creidimh nam Baha'i 's an t-Saoghal, p. 368.)
* * * 'S fheudar flon an àicheidh òl agus àrd inbhe air leth a ruigheachdl, agus am beachd-smaointeachadh. a thoirt fainear mar a gheibhear 's na focail, " 'S fheàrr beachdachadh air son uair na aoradh cràbhach fad thrì fichead bliadhna 's a' deich." Bahá'u'lláh (Kitáb-i-Íqán, p.238)
* * * Tha mi tabhairt flanuis, O mo Dhia, gun do chruthaich Thu mi a chum 's gun tuiginn Thu is gun deanainn aoradh Dhuit. Aig a' cheart àm so, tha mi tabhairt flanuis air mo lag-chùiseachd, agus air Do chumhachd, air m' ainnis agus air Do shaibhreas. Chan 'eil Dia eile ann ach Thu, Cobhair ann an gàbhadh, am Féin-Fhoghainteachd. Bahá'u'lláh (Urnuighean nam Baha'i)
|