Taghamh bho Sgriobtuirean Creidimh nam Bahà'i

RÙN CREIDIMH IS A’ LATHA IN DIUGH

Tha beothalachd creidimh dhaoine ann an Dia a' dol a sealladh anns gach tìr; chan 'eil ni sam bith ann a dh'ath-bheothaicheas e ach iocshlaint fallain an Tighearna.  Tha cnamhachd mi-dhiadhachd a' caitheamh neart a' chinne-daonna, gu de eile is urrainn a ghlanadh 's ath-bheothachadh ach Iocshlaint A Thaisbeanaidh chumhachdaich ? Am bheil e 'n comas dhaoine cruth-atharrachadh cho iomlan a choimhlionadh ann an cuibhrionn aon smùirein meanbh, neo-sgairte is gun tur-chaochlar e gu òr ofhior-ghlan? Duilich is iomeheisteach mar a tha so, thugar ùghdarras Dhuinne obair na's motha a choimhlionadh, is e sin, neart diabhlaidh a thionndadh gu cumhachd naomha. Thug an Spionnadh a tha comasach air a' leithicl de chruth-atharrachadh a dheanamh, barr air cumhachd an Iocshlaint fhéin. 'S ann aig Focal Dhé, na aonar, a tha an t-urram is an comas feumail air son atharrachadh cho mór is cho farsuing a dheanamh.

Bahá'u'lláh (Dioghluim XCIX)

*   *   *

Bho fhlathanas Toil Dhé, air son àrdachaidh an t-saoghail bheó agus togail suas inntinn is anam dhaoine chuirear a nuas an inneal as comasaiche air a' chinne-daonna gu léir a theagasg. Chuirear a nuas bho fhlathanas Toil Dhé a tha uile-shealbhach is neo-bhàsmhor, tre an Taisbeanadh ro-chumhachdach so, am Brìgh as àirde, agus an doigh-labhairt as comhlionta, de chuid sam bith a sgriobh no dh'aithris daoine o' shean. Rinneadh soilleir o' shean, "Is e gràdh dùthcha cuibhrionn Creidimh Dhé." Gidheadh ghlaodh Teanga nam Mòrachd ann an Latha Fhoillseachaidh, "Chan iomehuidh dhàsan uaill a dheanamh aig a bheil gràdh do dhùthaich ach is iomehuidh dhàsan aig am bheil gràdh don t-saoghal." Tre an cumhachd a dh'fhuasgladh le na faclan àrdaichte sin, shuidhich E iarrtus ùr agus shonraich e seóladh nuadh do eòin a chridhe fheòlmhoir agus dhubh e mach a leabhar naomh Dhé gach lorg bacaidh agus criochchuir.

Bahá'u'lláh (Dioghluim VXII)

*   *   *

Abraibh, O Dhaoine.  Is e so Latha gun choimeas. Is anns, mar an ceudna; gun choimeas, a dh'fheumas an teanga a bhith a tha moladh cliù miann gach cinneadh, agus gun choimeas an gniomh a mhiannaicheas a bhi taitneach roimh A Ghnùis.  Bha an cinne-daonna gu léir a' gabhail fadachd air son an Latha so, theagamh gun coimhlionadh e an nì sin a tha gu math iomehuidh do inbhe, agus is cubhaidh do chrannehur shiorruidh. 'S beannaichte am fear nach do mhì-mhisnich cùisean an t-saoghail seo, air chor is nach do dh'aithnich e an Tì – is e Tighearna nan uile.

Bahá'u'lláh (Dioghluim XVI)

*   *   *

Tha Leabhar Dhé làn-fhosgailte, agus tha Fhocal a' gairm an cinne-daonna da ionnsaigh.  Gidheadh cha d'fhuairear ach beagan deònach dlùth-leantainn ri Aobhar, no bhi 'na meadhon air a chuideachadh. Bhuilicheadh air a' bheagan seo an ioeshlaint naomh, is urrainn, na aonar, smùrach an t-saoghail atharrachadh gu òir fior-ghlan, agus rinneadh comasach iad air cungaidh-leigheis neo-thuiteamaich a fhrithealadh air son gach euslaint leis am bheil clann nan daoine air an claoidh. Cha shealbhaich neach air bith beatha bhithbhuan mur aidich e fìrinn an Taisbeanaidh roluachmhoir, iongantaich, òirdheare seo.

Le daimhealachd is motha agus ann an spiorad comuinn fìorghlain, cuiribh comhairle ri chéile, agus coisrigibh laithean prìseil ar beatha a leasachadh an t-saoghail agus ag àrdachadh Aobhair an Tì as Airde, is e Tighearna nan uile. Gu deimhinn, tha E treòrachadh dhaoine anns gach nì tha ceart, agus a' toirameasg nì sam bith a thruailleas an staid.

Bahá'u'lláh (Dioghluim XCII)

*   *   *

Is e creideamh Dhé agus A Lagh an aobhar as motha agus am meadhon as cumhachdaiche air son aonachd A Thaisbeanaidh a Shoillseachadh. 'S ann tre Aithnean agus Reachdan naomha, a tha fàs an t-saoghail, teagasg nam fineachan, sàmhchair nan seirbhiseach agus teàruinnteachd sluaigh gach uile thìr. Is e creideamh an t-aobhar as motha air son an tiodhlaic chudthromaich seo a thaisbeanadh.

Bahá'u'lláh (Clàran Ishraraquat)

*   *   *

Shuidhich is dh'fhoillsich na fàidhean naomh creideamh. Chuir iad sios laghan sònraichte agus riaghailtean naomha air son treòrachaidh a' chinne-daonna. Theagaisg is chraobh-sgaoil iad eólas air Dia, stéidhich iad àirdmheinn ion-mholta beusach, mhion-theagaisg iad na subhaileean as uaisle anns an t-saoghal thalmhaidh. Ceum air cheum, thàinig na teagaisgean naomha sin agus bunaitean na firinn fo dhubhar mineachaidh dhaoine agus atharais dearrasach creidimh sinnsireil. Nise, cha mhór nach 'eil am fìrinn ro-àraidh, a shaothraich na fàidhean cho cruaidh ri steidheachadh ann an cridhe agus ann an tuigse feòlmhor, fhad's a dh'fhuiling 's a dh'iomchair iad craidh geur-leanmhuinn, air sioladh as. Chaidh cuid de na teachdairean naomha sin a chuir gu bàs, cuid eile am prìosan, bha iad uile air an dimeas agus air an cuir air chùl, fhad 's a bha iad a' foillseachadh firinn Dhé. Goirid an déidh dhaibh an saoghal seo fhàgail, leigeadh a freadharc priomh fhìrinn an teagais, agus dhlùth leanadh ri atharais dearrasach.

A chionn gu bheil eadar-dhealachadh mòr eadar mìneachadh dhaoine agus atharais aineolach, dh'éirich comhstri agus eas-aonachd creidimh am measg a' chinne-daonna, smàladh as solus a' chreidimh fhìorghlain iagus sgriosadh aonachd an t-saoghail. Labhair fàidhean Dhé mu spiorad aonachd is réite. B'iad fir-stéidheachaidh an fhìrinn naoimh. Uime sin, ma thréigeas sluagh an t-saoghail atharais agus ma rannsaicheas iad an fhìrinn mar a tha e air fhoillseachadh ann am Focal Dhé, aontaichidh iad agus bithidh iad réidh. Oir, tha fìrinn na aonar, chan 'eil e lionmhor.

'Abdu'l-Bahá (Craobh-sgaoileadh Sith air Feadh an t-Saoghail uile)

*   *   *

Tha gach facal a tha sruthadh o bhilean Dhé air a sgeadachadh le a leithid de chumhachd is gun cuirear beatha nuadh anns gach uile chorp fheolmhor, ma tha sibh dhiùbhsan a thuigeas an fhìrinn seo. Tha na h-oibrichean miorbhuileach uile, a tha sibh a' faicinn 's an t-saoghal seo foillsichte troimh ghniomhachadh A Thoil-san, as àirde agus as urramaiche A Rùin iongantaich agus neo-chaochlaideach. Tre thaisbeanaidh an fhocail, "Fear Déilbhe," a mhàin, a tha sruthadh o Bhilean agus a' foillseachadh A chliù dn'n chinne-daonna, chuirear ma sgaoil an cumhachd as motha a ghineas, tre gach linn a leanas gach uile ealdhain ioma-ghneitheach is urrainn lamhan dhaoine a chruthachadh. Gu deimhinn ise seo fìrinn cinnteach. 'S gann a dh'abar am facal òirdhearc seo na nochdas an spionnadh beò, a tha gluasad an taobh a stigh gach uile nì cruthaichte, na rneadhonan agus na h-innealan leis an do chruthaicheadh agus leis an do rinneadh comhlionta na h-ealaidhean seo. Is e na h-euchdan iongantach a tha sibh a nis a' faicinn, toradh dìreach Taisbeanaidh Ainm-san. Anns na laithean ri teachd, gu firinneach, chì sibh nithean air nach cuala sibh riamh roimhe iomradh. Mar seo tha e roimh-orduichte ann an Clàran Dhé, agus chan urrainn duine thuigsinn ach esan a tha geur-shuileach.

Bahá'u'lláh (Dioghluim LXXXIV)

*   *   *

Chan urrainn nadur an anam an déidh a' bhàis, a chaoidh, a mhìneachadh na's motha a tha e iomchuidh no ceadaichte a bheusan uile fhoillseachadh do shùilean dhaoine. Chuireadh a nuas Fàidhean agus Teachdairean Dhé a dh'aon aobhair, gus an cinne-daonna a threòireachadh gu Slìghe dìreach na Fìrinn. Is e rùn sònraichte an Taisbeanaidh gun teagaisgeadh e na h-uile a chum gum faod iad aig uair a' bhàis, le neo-chiontas as motha le naomhachd agus le sgaradh iomlan, dol suas gu righ-chathair an Tì as Airde.

Bahá'u'lláh (Dioghluim LXXXI)