Taghamh bho Sgriobtuirean Creidimh nam Bahà'i

RIOMH-RÀDH

Is e am Bahà'i fear-leanmhainn duine d'am b'ainm Bahá'u'lláh, is e sin 'Glòir Dhé', a chraobh-sgaoil teachdaireachd aonachd a' chinne-daonna, comhlionlionadh focail Dhé agus taisbeanadh Dhé do'n ghinealach so. Thà na thà air a' dhol seachad ag ullachadh a' chinne-daonna air son a' linn mhóir ghlòirmhoir so far am bì aonachd air a stéidheachadh agus am bì Toil Dhé deante air thalaimh.

Sa'bhliadhna 1844, bha dòchas mòr air teachd Dhé. Dh'fhoillsich òganach, d'am b-ainm am Bab, an Shiriaz ann am Persia, gur e fàidh Dhé agus trìdsan gum faighear an Slànuighear.

Anns a' bhliadhna 1863, nochd Baha'u'llah, duinuasal a Persia, gur e fear-aithris Focal Dhé, an Slànuighear a roimh-fhoillsich am Bab, a' fhuair bàs air son a chreideamh anns a' bhliadhna 1850. Chaidh esan fhògradh do Iraq agus do'n Tuire agus mu dheireadh chuireadh 'sa' phrìosan e ann am Palestin, tre innleachdan a naimhdean, luchd-riaghlaidh na h-eaglais am Persia, air an robh eagal gu leudaicheadh a theagasg agus gu lùghdaicheadh an ùghdarras-san. Gidheadh, ged bha E na phrìosanach, bha E a' teagasg 's a' sgrìobhadh gun sgur, a' tarruing mòran chun A' Chreideimh. A thuilleadh air seo dh'fhoillsich E A Theachdaireachd do luchd-riaghlaidh na h-eaglais agus do rìghrean an t-saoghail. 'Nuair a chaochail E 'sa' bhliadhna 1892, dh'fhàg E mòran sgrìobhaidhean, agus chomharraich E A Mhac, 'Abdu'l-Baha, mar an aon fhear comasach air A Sgriobtuirean a mhìneachadh.

Anns a' bhliadhna 1908, fhuair 'Abdu'l-Bahá, a bha 'na phrìosanach maille ri Athair, a shaorsa. Shiubhail E do'n Eiphit, an Roinn Eòrpa agus do dh'America a' craobh-sgaoileadh sgriobtuirean Bhaha'u'llah. Bho'n uair sin, the Creideamh nam Baha'i stéidhichte air feadh an t-saoghail uile. 'San leabhran so, gheibhear taghadh bho sgriobtuirean Bhaha'u'llah agus 'Abdu'l-Bahá – earrann de sgriobtuirean Baha'i.

"Tha Leabhar Dhé làn-fhosgaite agus tha Fhocal a' gairm a' chinne-daonna 'ga ionnsaigh."

(Bahá'u'lláh)