Taghamh bho Sgriobtuirean Creidimh nam Bahà'i

CAITHEAMH-BEATHA NAM BAHÀ’I

Mhic an Spioraid!
Is e so mo cheud chomhairle: Biodh agad cridhe fallain, coibhneil agus glan, a chum gun toirear dhuit uachdranachd o' shean, neo-bhàsmhor agus bith-bhuan.

Bahá'u'lláh (Facail Falaichte l)

*   *   *

Mhic an Spioraid!
Is e Ceartas an nì as fheàrr am Fhianuis os cionn nan uile – na cuir cùl ris ma tha déigh agad Ormsa – na dean dìmeas air a chum gun earb Mi riut. Tre chuideachadh, chì thu le d' shùilean féin, chan ann le sùilean dhaoin 'eile, agus bithidh flos agad le d'thuigse féin, chan ann le tuigse do choimhearsnaich. Beachd-smaoinich air seo na do chridhe, mar is iomehuidh dhuit a bhi. Gu firinneach, is e Ceartas Mo Thiodhlac dhuitsa, agus comharradh air mo Chaoibhneis-gràidh. Uime sin, cum seo fo chòmhair do shùilean.

Bahá'u'lláh (Facail Falaichte 2)

*   *   *

Mhic an Duine!
Bu toil leam do chruthachadh, air an aobhar sin, ch ruthaich mi thu. Uime sin, biodh gràdh agad Dhomhsa, a chum 's gun ainmich mi t-ainm, agus gu sàsaich Mi t-anam le spiorad na beatha.

Bahá'u'lláh (Facail Falaichte 4)

*   *   *

Mhic an Duine!
Ma tha gràdh agad Dhomhsa, cuir cùl ruit fhéin, agus ma dh'iarras tu Mo thoileachadh, na toir fanear do thoileachadh féin, a chum 's gum bàsaich thu Annamsa agus gum bi Mise beò gu siorruidh annadsa.

Bahá'u'lláh (Facail Falaichte 7)

*   *   *

Ma dh'iarras tu glòir siorruidh, leig leat fhéin a bhi iorasal agus macanta am flanuis iadsan a tha gradhach aig Dia, dean thu féin 'nad òglach do na h-uile, agus dean seirbhis co-ionnan do na h-uile. Is ann le Dia seirbhis nan cairdean, chan ann leoth-san. Dean spàirn gu bhith 'nad mheadhon co-chordaidh, cràbhaidh agus subhachais do chridhe càirdean agus banoglaich an Tì tha tròcaireach.

'Abdu'l-Bahá (Doigh Naomh na Beatha)

*   *   *

Nuair tha mac an duine, anns gach uile staid florghlan is neo-thruaillte, fàsaidh e 'na mheadhon ath-shoillse an t-soluis fhollaisich. Anns a' cheud àite, feumaidh neo-chiontas a bhi 'na uile ghniomh is chaithe-beatha, an déidh sin maise, agus a rithist neo-eiseamalachd. Feumar an t-amar a ghlanadh mus lionar e le uisge milis. Tuigidh an t-sùil neo-thruaillte gnùis agus seadh Dhé, tarruingidh an cuinnlean fìorghlan anail de fhàileadh chùbhraidh gàradh ròis an toirbheartais – fàsaidh an cridhe neo-chiontach na sgàthan air maise an fhìrinn.Is ann mar seo a tha comhairlean agus àithntean naomh air an samhlachadh ri uisge anns na Leabhraichean Diadhaidh. Tha fìor-ghlaine agus naomhachd, neo-chiontas agus suairceas ag ardachadh a' chinne-daonna agus a' co-eigneachadh an creutair tuiteamach gu teachd air adhart.  Eadhon, 'nuair a bhuineas e do nithean nàdurra coisnidh suairceas crabhaidh mar a tha e stéidhichte 'san Sgriobtuir Naoimh. Ged nach 'eil ann ach nì nàdurra, tha cumhachd mór aig glainead air an taobh am muigh air cràbhadh.

'Abdu'l-Bahá (Creidimh nam Baha'i 's an t-Saoghal)

*   *   *

Is e brigh creidimh teircead bhriathran agus lionmhoireachd ghniomharan, esan aig am bheil barrachd bhriathran na gniomharan biodh flos agaibh, gu fìrinneach, tha a bhàs nas fhearr na a bheatha.

Bahá'u'lláh (Facail Gliocais)

*   *   *

Tha Dia a' toirt seò1aidh do na h-uile mu an dleasdanas gu Aobhar a theagasg. Ge be a dh'éireas gus an dleasdanas seo a chomhlionadh, feumaidh e, mus foillsich e a Theachdaireachd, e féin a sgeadachachadh le grinneas beusan ionraic, a chum 's gun tàlaidh a bhriathran cridhe an fheadhainn a tha deas gu a ghairm éisdeachd.  As eugmhais, cha bhi buaidh sam bith aige air a luchd-éisdeachd gu siorruidh.

Bahá'u'lláh (Dioghluim CLVIII)

*   *   *

Mhic an Tì!
Na cuir as leth t-anam nì sam bith nach bu toil leat a bhith air a chur as do leth féin, agus na abair an nì nach dean thu. Is e seo m'aithne dhuitsa, feuch an toir thu fainear e.

Bahá'u'lláh (Facail Folaichte, 29)

*   *   *

Bi fialaidh ann an soirbheas agus taingeil ann an doilgheas. Bi airidh air earbsa do choimhearsnaich agus amhaire air le gnùis soilleir, dàimheil. Bi 'n ad ionmhas do na bochdaibh, 'nad earalaich do na beartaich, 'nad   fhear-freagairt do ghlaodh an ainnisich, 'nad fhear-teasraiginn naomhachd do gheallaidh. Bi cothromach 'nad bhreitheanas, agus faicilleach 'nad chainnt. Na bi eueorach ri duine air bith, agus nochd gach uile ioraslachd do'n chinne-daonna gu 1éir. Bi mar 1òchran dhaibhsan a tha 'g imeachd 'san dochadas, 'nad aobhar gairdeachais do luchd a' bhròin, 'nad thobair uisge dhaibhsan a tha tartmhor, 'nad chala dhaibhsan a tha àmhgharach, 'nad fhear taice is tagraidh dhasan a tha fo fhòirneirt. Biodh do ghniomharan uile comharraichte le ionracas is fireantachd.  Bi 'nad dhachaidh do'n choigreach, 'nad iocshlaint do'n chràidhteach, 'nad charraig daingean do' fhògarach. Bi 'nad shùilean do'n dall, agus 'nad sholus treòrachaidh do chasan an t-seachranaich. Bi 'nad bhall-maise air gnùis na fìrinn, 'nad chrùin air mala an treibhdhireis, 'nad charragh ann an teampull na fìreantachd; 'nad anail beatha ann an corp an duine, nad bhratach aig feachdan ceartais, 'nad sholas o's cionn criochan éifeachd, 'nad dhrùichd air talaimh a' chridhe fheò1mhoir, nad àrc air cuan na h-eò1ais, 'nad ghrian ann an speuran fialachd, 'nad sheud ann an crùn a' ghliocais, nad sholus dealrach ann an iarmailt do linn, 'nad mheas air craoibh na h-irisleachd.

Bahá'u'lláh (Dioghluim CXXX)

*   *   *

Maisichibh bhur cainnt, O shluaigh le fìreantachd, agus sgeadaichibh bhur 'n-anama le ball-maise an ionracais. Bithibh air bhur faiceall, O shluaigh, nach buin sibh gu mealltach ri neach sam bith. Bithibh 'nar fir-urrais Dhé a measg a chreutairean agus 'nar samhlaidhean air Fhialaidheachd-san am measg A Shluaigh.  Chaidh iadsan a leanas ana-miannan na feòla agus gach iarrtas uile, air seachran agus chaith iad air falbh an oidhirpean. Tha iadsan, da-rìreabh, caillte. Deanaibh spàirn, O shluaigh chum 's gum bi bhur sùilean air an tionndadh gu tròcair Dhé, gum bi bhur cridhe air an gleusadh ri Chuimhneachan roghlòirmhor, gum bi bhur n-anama air an socrachadh gu cinnteach air a ghràdh agus air a thoirbheartas, gun saltair bhur casan Slighe A Gheagh-ghean.  Is iad sin na comhairlean a tha Mi a' tiomnadh dhuibhse. B'aill leam gu leanadh sibh iad.

Bahá'u'lláh (Dioghluim CXXXVI)

*   *   *

Is e dìlseachd an dorus is leotha gu tearuinteachd agus sàmhchair a chinne-daonna. Tha seasmhachd gach uile cùis an crochadh ris agus tha a sholuis a' soillseachadh rioghachdan urraim, glòir is beartais.

Bahá'u'lláh (Clàran Tazarat)

*   *   *

O Shluaigh Dhé! Na bithibh féin-spéiseil, bithibh dùrachdach gu leasachadh an t-saoghail agus oileanachadh nan cinneach. Coimhlionar leasachadh an t-saoghail le gniomharran florghlan, òrdheire agus le caithe-beatha taitneach, tlachdmhor.

Bahá'u'lláh (Clàran an t-saoghail)

*   *   *

O Mo Bhan-oglaich!
Is sibhse craobhan Mo ghàraidh – 's fheudar dhuibh deagh thoradh iongantach a thabhairt, chum 's gum buannaich sibh féin agus daoine eile uatha. Mar seo, tha e mar fhiachaibh  air na h-uile, ceàird is dreuchd a ghabhail, oir 's ann  an sin a gheibhear saibhreas. O Dhaoine tuigseach, Tha gach crioch an crochadh air meadhonnan agus bithidh tròcair Dhé uil-iomlan dhuibh. Bha agus bithidh gu bràth, craobhan nach toir a mach toradh, air an tilgeadh 'san teine.

Bahá'u'lláh (Facail Falaichte 80)

*   *   *

Is e Ar guidhe 's Ar miann urn bi sibh uile mar aobhair màthais do dhaoine, agus mar eisimpleir fireantachd do'n chinne-daonna. Bithibh air bhur faiceall nach feàrr leibh sibh féin na bhur coimhearsnaich. Suidhichibh bhur sùilean Air-san, is e Teampull Dhé a measg dhaoine. Gu deimhinn, thug E suas A Bheatha an éirig saorsa an t-saoghail. Gu fìrinneach, is E an Uile-mhaitheasach, An Tròcaireach, an Tì As Airde. Ma dh'éireas còmhstri 'sam bith eadraibh, feuch Mise 'n am sheasamh f'ar comhair agus dichuimhnichibh lochdan a chéile air sgàth m'ainmsa agus mar shamhla air bhur gràdh do m'aobhar fhollaisich, dhealraich.

'S buidhe Leinn bhur faicinn daonnan ag aoriachadh le càirdeas agus co-chòrdadh ann am Pàrras mo Dheagh-ghean, cùbhraidhean daimhealachd, aonachd, caoimhneis-gràidh is co-chomuinn, a ghabhail a steach o bhur gniomharan. Mar seo tha an Uil-Fhiosrach, Am Fireanach 'gar coimhairleachadh. Bithidh Sinne maille ruibh an còmhnaidh ma ghabhas Sinn a steach cùbhraidheachd bhur co-chomuinn. Gun teagamh, nì Ar cridhe aoibhneas, oir chan urrainn nì sam bith eile Ar sàsachadh. Tha gach duine fìorthuigseach a' tabhairt flanuis air seo.

Bahá'u'lláh (Dioghluim CXLVI)

*   *   *

Chuirear riaghailtean Dhé o nèamh, le Thaisbeanaclh is ro-urramach. Feumaidh na h-uile an coimhead gu dìchiollach. Bha riamh is bithidh an t-urram as àirde le mac an duine, adhartas flor, a bhuaidh dheireannach, an crochadh orra.
    Gheibh esan a ghleidheas àithntean Dhé, sonas siorruidh.

Bahá'u'lláh (Dioghluim CXXXIII)