Taghamh bho Sgriobtuirean Creidimh nam Bahà'i

AONACHD DHÉ

Tha e soilleir do gach cridhe beò, tuigseach, gu bheil Dia, Am Brigh Neo-aithnichte, an Tì as Airde, air mhór-inbheachadh os cionn gach buaidh nadurra, mar a tha beatha chorporra, direadh is teàrnadh, dol a mach is teachd a steach. Chan urrainn teanga dhaoine A chliù chuir an céill gu h-iomehuidh, no an cridhe feòlmhor A Dhiomhaireach gun thomhais a thuigsinn. Tha is bha E riamh, o chian nan cian, còmhdaichte le bithbhuanachd a Bhrigh agus fuiridh E na Fhìrinn falaichte gu siorruidh bho ghnais dhaoine.

A' chionn gu bheil dorus eòlais Dhé dùinte an aghaidh,na h-uile neach, tùs Gràis neo-chriochnaichte, a réir Fhocail, "Thug a Gràs bàrr air gach nì; chuairtich mo Ghràs lad uile," nochdadh Seudan Dealrach a Ghlóir a rioghachd an spioraid, ann an riochd uasal teampull talmhaidh; rinneadh iad follaiseach do na h-uile dhaoine, a chum gun taisbeanadh lad do'n t-saoghal diomhaireachd an Tì neo-chaochlaideach agus gum  foillsicheadh lad innleachan A Bhrìgh neo-bhàsmhor.

'S lad na sgathain naomha sin, ùr-mhaduinn A ghlòir is àirde, gu h-iomlan mìnichean talmhaidh an Tì is E ball-meadhonach a' chruinne-ché, a Bhrìgh agus a Rùn deireannach. Uaithe-san tha an t-eòlas is an cumhachd a' sruthadh; uaithe-san tha an t-uachdaranachd a' teachd. Tha maise an gnùis ach mar fhaileas. Iomhaigh-san, agus an taisbeanadh mar chomharradh air a Ghlòir neo-bhàsmhoir. Is iadsan ionadan ionmhais eòlas air Dia, agus ionadan tasgaidh tuigse naoimh. Trompa gheibhear gràs neo-chriochnach, agus foillsichear an Solus nach dorchaich. Is iad na Pailliuin naomha sin, na sgàthain sin a tha dealrachadh soluis ghlóir neo-bhàsmhoir, foillseachadh air an TI is neo-fhaicsinniche. Tre thaisbeanadh Seudan nam buadh naomha sin, tha ainmean is feartan Dhé, mar tha eòlas is cumhachd, uachdaranachd is iompaireachd, tròcair is gliocas, glòir, toirbheartas is gras air an deanamh follaiseach.

Bahá'u'lláh (Dioghluim XIX)

*   *   *

Bha riamh is bithidh gu siorruidh, dorus eòlais air an Tì as Airde, falaichte o ghnùis dhaoine. Chan fhosglair A Lùchairt naomha do thuigse neach air bith. Gidheadh, mar chuimhneachan air a thròcair agus mar dhearbhadh air a chaoimhneis gràidh, dh'fhoillsich e do'n chinne-daonna Réultan Làthail A stiùiridh dhiadhaidh, samhlaidhean aonachd naomha Fhéin agus dh'òrduich E gum biodh eòlas air na Nithean naomha sin ionann mar eòlas air Fhéin. Cò air bith a dh'aithnicheas iad sin dh'aithnich e Dia. Cò air bith a' dh'éisdeas ri 'n glaodh, dh'éisd e ri guth Dhé. Cò air bith a thogas flanuis air fìrinn an taisbeanaidh, thog e lanuis air firinn Dhé Fhéin. Có air bith a' philleas air falbh bhuatha, phill e air falbh o Dhia, agus am fear nach do chreid iad, cha do chreid e ann an Dia. Is e gach aon dhiùbh Slighe Dhé, a tha ceangal an t-saoghail seo ri na rioghachdan os ar cionn, Bratach na Fìrinn do na h-uile ann an rioghachdan thalmhainn is nèimh. Is iad taisbeanadh Dhé am measg dhaoine, dearbhadh air Fhìrinn agus samhlaidhean a Ghlòir.

Bahá'u'lláh (Dioghluim, XXI)

*   *   *

Is e brìgh creidimh ann an Aonachd Dhé, a bhi gabhail beachd Air-san a tha taisbeanadh Dhé dhuinn, agus a tha neo-fhaicsinneach, do ruigsinn, 'n a Bhrìgh neo-aithnichte, mar an t-aon Tì ceudna. Tha seo a' ciallachadh gun còir gach ni a' bhuineas do 'n roimh-ainmichte, uil' obraichean is ghniomharan, ge be nì a dh'òrduicheas no thoirmeasgas E a mheasadh gu h-iomlan, anns gach cùis, gun fhalach, ionnan ri Toil Dhé Fhéin.  Is e so an ìre as àirde is urrainn fìorchreidmheach ann an Aonachd Dhé fhaotainn. 'S beannaichte esan a ruigeas an ìre so, a tha dhiùbhsan a tha daingeann 'nan creideamh.

Bahá'u'lláh (Dioghluim LXXXIV)

*   *   *

Tha Fir-iomchair Earbsa Dhé air am foillseachadh do shluagh an domhainn mar Fhir-mìneachaidh Aobhar Nuadh agus mar fhir-aithris Teachdaireachd Ur. A chionn gu bheil Eunlaith an Rìgh-chathrach naoimh sin air an cur a nuas o neimh, a réir Toil Dhé, uime sin, measar iad mar aon anam agus an neach ceudna. Do bhrìgh gu bheil iad, uile 'g òl bho'n aon chupan de ghràdh Dhé, agus ag itheadh toradh craobh cheudna an Aonachd.

Bahá'u'lláh (Dioghluim XXXI)

*   *   *

Bithibh air bhur faiceall, sibhse tha creidsinn ann an Aonachd Dhé, air eagal gum buairear sibh gu eadar-dhealachadh a dheanamh eadar aon sam bith de thaisbeanaidh Dhé no comharradh air leth a dheanamh an aghaidh nan samhlaidhean a thàinig maille ri agus a dh'fhoillsich an Taisbeanadh. Is e seo, darireadh, seadh fìor Aonachd Dhé, ma tha sibh dhiùbhsan a tha glacadh 's a' creidsinn na fhìrinn seo. Bithibh cinnteach, a thuilleadh air seo, gu bheil oibrichean is gniomharan gach Taisbeanaidh Dhé, ni h-eadh, gach nì a bhuineas dhaibh, agus ge be air bith a dh'fhoillsicheas iad san am ri teachd, orduichte le Dia agus 'na ath-shoillse air a Thoil, 's air a Rùin. Cò air bith a ni an t-eadar-dhealachadh as lugha a ghabhas deanamh, eadar am pearsa, am focail, an teachdaireachd, an gniomharan 's am moghanan, gu firinneach, cha do chreid e ann an Dia, dh'aicheadh e a shamhlaidhean, agus bhrath e Aobhar A Theachdairean.

Bahá'u'lláh (Dioghluim XXIV)

*   *   *

Tha e soilleir gu bheil gach ginealach 'san robh Taisbeanadh Dhé an làhair, orduichte le Dia, agus faodar, ma seadh, an comharrachadh mar Latha roimh-òrduichte Dhé. Gidheadh, tha an latha so air leth, agus feumar eadar-dhealachadh bho na laithean roimhe. Tha an t-ainm, "Comharradh nam Fàidh" a' foillseachadh gu h-iomlan inbhe ro-uasal. Gu deimhinn, tha Cuairt-Tìme nam Fàidh air tighinn gu crìch. Tha an Fhìrinn Bhithbhuan a nis air teachd. Thog E suas Bratach A' Chumhachd, agus tha E nis a' doirteadh greadhnachais, neo-ghruaimaich a' Thais-beanaidh air an t-saoghal.

Bahá'u'lláh (Dioghluim XXV)

*   *   *

Thoir fa-near an t-Aon Dia fior mar Neach a tha air leth, agus air ardachadh gu m6r os cionn na h-uile nì cruthaichte. Tha 'n cruinne-cé gu h-iomlan ag ath-shoillseachadh A Ghlòir, am feadh 's a tha E Féin saor bho agus a' toirt bàrr air a chreutairean. Is e so brìgh fior Aonachd Dhé. Am Fear is e an Fhìrinn Bhith-bhuan, is e an t-aon Chumhachd a tha gnathachadh uachdaranachd neo-chonnsachail air an t-saoghal bheò. Tha iomhaigh ath-shoillsichte ann an sgathan na cruithneachd. Tha beatha na h-uile an earbsa Ris agus Uaithe-san tha lòn gach nì a' sruthadh. Is e seo a tha Aonachd Dhé a' ciallachadh, is e seo a reachd shonraichte.

Bahá'u'lláh (Dioghluim LXXXIV)

*   *   *

Tha E àrdaichte gu mór os cionn chòmhstrighean tuigse dhaoine a chum A Bhrìgh a ghlacadh, os cionn cainnt talmhaidh a chum iomradh a dheanamh air A Dhiomhaireachd. Chan 'eil bann de cho-chomunn dìreach is urrainn a chaoidh A cheangal ri na nithean a chruthaich E ni mo is urrainn sanasan is dothuigsinniche, is céine, a chreutairean iomradh ceart a dheanamh air A Bhith Le Thoil, a tha a' dol air feadh an t-saoghail thug e beò gach uile ni cruthaichte. Tha is bha E riamh còmhdaichte le siorruidheachd àrsaidh A Bhrìgh Ardaichte, do-sgainte, agus mairidh E gu siorruidh falaichte le oirdheirceas is glòir doruigsinn. Na tha air neamh 's air thalaimh, thàinig beò le òrdugh Dhé, agus tre Thoil, dh'imich iad uile a neonitheachd iomlan a dh'ionnsuigh rioghachd nam beò. Uime sin, ciamar is urrainn an creutair a dhealbh Focal Dhé, nàdur an Tì is E Dia, a thuigsinn?

Bahá'u'lláh (Dioghluim CXLVIII)