Bahá’u’lláh

Tha an leabhrachan seo steidhichte air Cunntas Baha'u'llah deasaichte an toiseach le Co-chomann Eadar-naiseanta
Bhahá'í Office of Public Information, New York
agus air fhoillseachadh le
The Bahá'í Publishing Trust, 27, Rutland Gate, London SW7 1PD

An clo-bhualadh seo 1994 Ard-sheanadh spioradail Bhahá'ídhean an t-Eilean Sgitheanaich agus Lochaillse.

NB: It must be pointed out that this document failed the review process on the basis of being too obviously a translation. The translator was not a native speaker and erred on the side of literal, rather than idiomatic, translation. Other than that, it is believed that the text is a reasonable representation of the English version.


Roimh-Radh

Mar a dhluthaicheas am Bliadhna 2000 oirnn, s'e cuis a's cudthromaiche dhuinn gun cuir sinn bunaitean air am-ri-teachd alchinne-dhaonna. Feumaidh iad seo bhith steidhichte air tuigsinn gne an t-sluiagh 's air an doigh-beatha aca, agus, mar an ceudna, fios air rathad is brigh fas na daonnachd. Foillsichidh a leithid dhe'n t-sealladh-aontachaidh seo 's na sgriobhaidhean Bahá'u'lláh.

Rugadh Bahá'u'lláh ann am Persia air latha 12 na Samhna 's a'bhliadhna 1817. Thagair Esan gun d'thug E teachhdaireachd Dhe air sgath an t-saoghail ’ teachdaireachd a ghealladh gach moch-chreideamh ’ teachdaireachd a stiuireas daoine do cho-aonachadh sluadh an t-saoghail.

Is ann air chaochladh mhor chuspairean a tha na sgriobhaidhean aig Bahá'u'lláh, bho cheistean-chomainn mar cho-ionannachd fheara is bhan, di-armachadh, cairdeas chinneadail, gus na ceisdean sin a bhuineas do dh'anam as fhaide a-staigh. Tha a'chuid as motha nan sgriobhadh seo air an eadar-theangachadh a nis gu tuilleadh is 800 canan agus faodaidh gach neach anns gach aite gan leughadh.

S ann gu luath a mheudaich luchd-leanmhuinn Bahá'u'lláh, agus an diugh ghabhadh a steach iomadh milleanan neach 'o gach cinneadh 's inbhe 's doigh-beatha 's duthchas a th'ann. 'S gann a bhitheas cearn sam bith air an t-saoghal far nach bi am patran-bheatha a theagaisg Bahá'u'lláh freumhan a chur. Mar thoradh an nithe seo, bithidh co-chomann dhomhanta tighinn am follais agus dh'fhaodadh e 'n tagairt a dheanamh gu bheil e 'na bheag-shaoghal a'chinne-dhaonna uile gu leir.


Duilean Crabhaidh

B'ann trath 's an naodhamh linn deug a bh' am duile moire aig buidhnean chrabhacha air feadh an t-saoghail. Ann an Roinn Eorpa agus na Staitean Aonaichte chreid moran luchd-chriosdaidh gun d'fhuair iad anns a' Bhiobuill fianuis gun d'thug an eachdraidh gu cheann agus gum biodh Iosa Criosd 'na thilleadh a dh'aithghearr. O'n Ear-Mheadhanail thainig brosnachadh direach a's motha oir chreid iadsan ann an siud gum biodh caochladh fhaisneachd a bha anns an Qur'án agus ann am beul-aithris sgriobhte Ioslamaich an tighinn gu buil.

Bha an duil a's motha co-cheangailte ri pearsa agus teagasg ceannaiche oig agus esan na Phersiach ris a chanadh iad 'Báb'. Thuirt Báb gun do sheas an cinne-daonna air stairsnich linna a chitheadh ath-dhealbhadh o cheann gu ceann ar beatha, agus gun robh an cinne-daonna fo ghairm Dhe na ath-dhealbhaidhean seo an gabhail a steach le atharrachaidhean beatha mhoralta is spioradail. B'e gairm aig Báb bhith deanamh deiseil, a h-uile fear is te, 'son tighinn Teachdaire Dhe ris an robh luchd-leanmhuinn gach creideimh a feitheamh.[1]

Fhuair cleir-Ioslamaich agus ughdarras Phersiach cuis dhitidh anns an tagairt seo. Chuireadh miltean luch-leanmhuinn a'chreideimh uir gu bas agus 's a'bliadhna 1850 chuireadh Báb gu bas air beulaibh an t-sluaigh.


Breith Taisbeanaidh Uire

Rugadh Bahá'u'lláh do dh'uaislean ach cha do ghabh e ri cursa lan chliu is lan bheairteas a thigeadh gu nadurrach o'n theaghlach aige. Thagh Esan a neart a chur ri cuideachadh feadhn-eile agus fad is farsuing chanadh daoine "Athair nam Bochd" ris.

'S a'bhliadhna 1844 thoisich E bhith na h-aon am measg nan ceannard fheallsanachd uire a chuir an teagasg aig Báb na mheadhan.

O chionn 's gun do chuir E taic ris a'Bhab chaidh a chur an sas, agus ann an Teheran thilgeadh E gu broinne an t-Síyáh-Chál, aite a b'ann na tholl-dhubh mhialach radanach far an d'rinneadh ionad-tasgaidh o'n tasgaidh fhagta fho-thalamh. Cha do ghabh E casaid ach, comhla ri deich companaich air fhichead, ghleidheadh E anns an dhorchadas is shalachar an tuill-dhuibh seo. Chuireadh mun cuairt amhaich Bahá'u'lláh slabhraidh throm-chrioplachaidh a dh'fhag A chorp leonta gu crioch A bheatha. Gach latha thearnadh freiceadan tri doimhneachd staidhreach gu broinne an tuill agus ghabhadh iad greim air phriosanach no dha. Shlaodadh iad iad suas agus a-mach agus an uairsin chuireadh iad na priosanaich seo gu bas.

B'anns an aite sgreadaidh seo far an robh sealladh A bhais obainn riamh roimhe gu'n d'fhuair Bahá'u'lláh A cheud thuigsinn air na h-obraichean mhora a bh'ag earbsadh le Dia mar churam Air.


Fogarrach

Mu dheireadh thall, agus fhathast gun dhearbhadh sam bith, dh'fhuad aicheadh Bahá'u'lláh bho'n duthcha Fhein do dh'ath-thir Iarag a bha fo riaghlaidh iompaireachd nan Ottoman. Thoisich am fuadachadh seo da fhichead bliadhna fogairt is braighdeanais is geur-leanmhuinn. Sgriobh Bahá'u'lláh da leabhar ann an toisich A fhogarraich a bha gu sonruichte cudthromach am measg nan leabhar a sgriobh E. Is e a'cheud leabhar leabhran bheag a dh'ainmich E "Na Faclan Falaichte". 'S ann anns an leabhran seo a gheibhear cridhe lagh nam modhannan anns an teachdaireachd aig Bahá'u'lláh. Mhinich Bahá'u'lláh gum b'ann as an leabhran seo a bha tarruing stiuireaidh spioradail aig a h-uile Taisbeanadh bho'n am a dh'fhalbh. 'S ann troimhe-san a labhras an guth-Dhe direach ri anmanna nan duine.

"A mhic bhith! 'S ann le lamhan cumhachd a rinn mise thu, agus le meoir neirt a chruthaich mise thu. 'S annad fhein a chuir mise brigh Mo sholuis. Bi toilichte leatha agus na dh'iarr air tuilleadh. Is foirfe M'obair agus 's ceangaltachd M'ughdarras. Na cuir ceiste air, cha mho cuir teagamh ann."[2]
"A mhic spiorad!" Nam shealladh fhin is e Ceartas an rud a's gradhaichte Dhomh. Uaith sin na tionndaidh a leth-thaobh ma bhitheas tu deidheil Orm-sa agus na cuir air dearmad e; mar sin faodaidh Mi earbsa chur riut-sa. Le cuideachadh a' Ceartais chi thu le do shuilean fhein; chan fhaic thu le suilean nan duin' eile. Bithidh fios agad bho thuigse agad-fhein agus cha bhi fios agad o thuigse do nabuidhean. Cnuasaich 'nad chridhe seo; ciamar a's coir dhuit a bhith. Gu deimhinn is e Ceartas Mo thiodhlac dhuit agus comharradh Mo chaomhalachd ghradhach. Air an aobhar sin suidhich Ceartas air beulaibh do shuil.[3]

Is e 'n darna obair mhoir a rinn Bahá'u'lláh re'n am sin "Leabhar Dearbhaidh" a mhinicheas gne is deoin is gnothach nan creideimh. 'S ann 's an leabhar seo a bhitheas na Teachdairean Dhe air an dealbhadh mar Iad-san a chuireas an doigh an t-aon seol neo-bhriste airson duisgeadh a' chinne-dhaonna do'n lan-chomais spioradail aige.


Urram A'meudachadh

Dh'fhas mi-ghean air ughdarras Phersia agus bha iad airson Bahá'u'lláh a chur air falbh bhon aire an t-sluaigh, oir dh'fhas uidh air n' uidh co-chomann nan fogarrach na h-eileamaid mheasail bhuadhach ann an ceanna-bhaile Iarag agus anns na bailtean a bha faisg air. Thadhal moran luchd-riaghlaidh agus prionnsachan an teaghlaich-rioghail air Bahá'u'lláh anns an t-seomar shimplidh Aige. Dh'aithris fear dhuibh agus druidh an tadhal gu mor air: "... Ged a bhitheadh a h-uile bron an t-saoghail air a dhomhlachadh 'nam chridhe, rachadh iad uile a mach as an t-sealladh, tha mi a'smaoineachadh, 'nuair a bhitheadh iad an lathair Bahá'u'lláh. Is ann mar a chaidh mi a steach do'n Pharras ..."[4]


Foillseachadh anns a'Gharadh Ridvain

Ghabh luchd-ughdarrais eagal gun robh Bahá'u'lláh a'buanaich tuilleadh 's a'choir meas bho luchd-tadhail Phersiach a thainig do larag, agus shochraich iad gun do chuireadh iad E air imrich gu ruige Constantinople. Ann an Giblean 1863, feasgar roimh 'imriche, cho-chruinnich Bahá'u'lláh cuid de na companaich Aige do gharadh ris an abradh iad Ridvan (Parras) an deidh sin, agus thuirt Esan mu'n phriomh-fhirinn na teachdaireachd Aige. Air an t-am a dh'fhag Bahá'u'lláh Baghdad a dhol do Chonstantinople bha E air fas na phersa ro-thaitneach agus ro-ghradhaichte do'n t-sluaigh. Thug iad a chunnaic falbh Bahá'u'lláh tuairisgeul druidhteach air urram is speis a thug luchd-amhairc Dha agus air sileadh nan iomadh deur a bh' aca.

'S ann gu minig a chuir gu neartmhor na sgriobhaidhean aig Bahá'u'lláh gur e am priomh-dheoin Dhe an uair a thaisbean Esan bhith atharrachadh beus a'chinne-dhaonna a thoirt gu buil air an doigh a dh'fhasas iad a dh'ath-fhreagras Dha anns am buadhannan mhoralta is spioradail a bhitheas falaichte anns an nadur-daonna.

Thoirmisg Bahá'u'lláh an t-iompachadh ionnsuidheach a rinneadh roimh 'n am seo airson cuis a'chredeimh a chur air adhart. Dh'aidich Esan gur neo-airidh Latha a'Dhe sin a dheanamh. Dh'innis E do'n luchd-leanmhainn Aige:"... ma theid do mharbhadh is e sin na's fhearr dhuit na tusa bhith 'nad mharbhaiche ..." agus a dh'aindheoin droch staid nan tachartas fuilteach ann am Persia thoirt E riutha "... Ge b'e air bith an duthaich far a dh'fhuricheas neach sam bith dhe'n phoball seo, feumaidh iad an giulan gu dileas is gu h-ionraic is gu firinneach a thaobh riaghladh na duthcha sin."[5]


Foillseachadh Dhe

O cheann gu ceann na h-eachdraidhe tha breisleach agus amhreit air a bhith ann mu h-inbhe an Fhoillseachadh Dhe.[*] Bhitheadh luchd-leanmhuinn gach creideimh a'gabhail ris an fhear-steidheachaidh aca-fhein mar fhear air leth.

Shoillsich Bahá'u'lláh seo le samhlachas simplidh: Leigidh a'ghrian a sholus fhein a mach. Air gach aon dhe na planaidean bithidh coltas air leth ach soilleirichidh ise le solus tilgte air ais bho 'n ghrian. Theid na planaidean mu'n chuairt na greine agus is priomh-aobhar soluis ise, agus ath-shoillsichidh gach planaid an solus ceudna. Ceart air an doigh seo bithidh gach faigh a'foillseachadh an t-aon soluis bho 'n t-aon tobair agus is e Dia an Tobair seo, agus aig an aon am bheireadh E taisbeanadh air a bheil feartan air leth:

"Is ann aig gach Foillseachadh Dhe a bhitheas da bhun. Is e a'cheud bhun na cuis-bheachd fiorghlan agus na priomh-aonachd. A thaobh seo ma dh'ainmicheas tu iad uile leis an aon h-ainm, agus ma chuireas tu an t-aon fheart as an leth, cha d'rachadh thu air iomrall bho'n fhirinn ...
   "Is e an darna bhun na bhun an eadar-dealachaidh agus buinidh e do saoghal a'Chruthachaidh agus don bacaidhean aige. A thaobh seo bithidh air-letheachas shoilleir, 's teachdaireachd air a h-orduchadh gu sonruichte, 's taisbeanadh roi-orduichte, agus criochan sonruichte aig gach Foillseachadh Dhe ...
   "Ma chitheas tu iad ann aogas an darna buin ... foillsichidh iad lan-thraillealachd is lan-airc is lan fhein-irioslachd ...
   "Nam bitheadh fear de na Foillseachaidhean uile-glacte ri radh: 'Is Dia Mise', bhitheadh Esan gu dearbh ag innse an fhirinn ... O'chionn 's gu bheil ... troimh 'n Taisbeanadh aca 's na feartan aca agus na h-ainmean aca bithidh Taisbeanadh Dhna h-asnmean Aige 's na feartan Aige air an foillseachadh air feadh an t-saoghail.
   "Agus nam bitheadh fear dhiubh ag radh 'Is Mise Teachdaire Dhe', bhitheadh Esan cuideachd ag innse an fhirinn ...
   "Agus theireadh iad 'Is Sinne seirbheisich Dhe". bhitheadh seo cuideachd na fhirinn shoilleir agus chinnteach."[6]

* Eadar-uineach, gach 500-1000 bliadhna, thig Foillseachadh Dhe do'n t-saoghal. Beiridh gach aon dhiubh laghannan uire agus bithidh cumhachd aige cruth cridheachan nan duine adh'atharraicheadh fad linntean. Dh'ainmich Bahá'u'lláh cuid dhiubh: Abraham, Krishna, Moses, Zoroaster, Buddha, Jesus Christ, Muhammad, The Báb and Bahá'u'lláh. [BACK]


Creideamh Neo-chaochlaideach Dhe

An deidh do Bhah'u'llah A theachdaireachd a'gharaidh Ridvan a chur an ceill, thoisich E saothrachadh cuise na thug E a steach mar tha ann "Leabhar na Cinnteachd". Thainig an am, thuirt Esan, an uair is urrain do chinne-dhaonna bhith faicinn a leasachadh spioradail gu leir mar shiubhail aon-fhillte.

Feumaidhluchd-leanmhuinn nan creideamh eadar-dhealaichte tuigsinn na bha E a'ciallachadh le "creideamh neo-chaochlaideach Dhe."[7] Bithidh na firinnean mheadhonaich spioradail gach creideimh a thlann neo-chaochlaideach ged a bhitheadh laghannan agus bun-bheachdan eadar-dhealaichte air an taisbeanadh troimh nan linn airson easbhuidhean comann sior-chaochlaideach a'chinne-dhaonna sasachadh:

"Dh'fheumadh faidhean Dhe bhith air an tuigsinn mar lighichean aig a bheil obair leas an t-saoghail agus an t-sluaidh, air aobhar gun shlanaicheadh iad tinneas nan duine eadar-sgaraichte ... Is beag an t-iongnadh, mar sin, nach bitheadh leigheas latha an-diugh co-ionnan ri leigheas latha an de. Ciamar a bhitheadh e air a mhodh eile an uair a bhitheas tinneasan aig gach fulangaich agus aig gach ire a thinneas air dhith leigheas sonruichte?"[8]
"Bi cinnteach ... gu bheil obraichean agus gniomha gach Foillsicheadh Dhe seo, a bharr air gach ni a bhuineas dhaibh, agus gach ni a dh'fhoillsicheas iad 'san am ri teachd, uile air an sochraicheadh le Dia agus 'nan ath-shoillsichidh A Thoile is A dheoine ..."[9]

Ni Bahá'u'lláh coimeas air gach Foillsicheadh Dhe agus tilleadh an earraich. Bithidh comas aig na fhaclan aca 's eiseimpleir nam beatha aca le-cheile atharrachadh a chur ann cridheachan a'chinne-dhaonna. As aonais an t-eadar-ghabhail seo bho saoghail a'Dhe, dh'fhuiricheadh falaichte gne spioradail a'chinne-dhaonna 'na ciomach naduir. Chruthaicheadh gach fear is te ann an t-iomhaidh Dhe ach chan fhaodadh an gne spioradail bhith air a leasachadh ach le teagasg agus buaidh nam Foillseachadh Dhe.

Thagair E gur neo-aithnichte an fhirinn-Dhe agus gum bitheadh e mar sin an comhnuidh. Cha thuigeadh an cinne-dhaonna ach buaidh no gne Dhe a bhitheas air a taisbeanadh troimh mheadhonn gach Foillseachaidh.


Siobhaltachd A'dol air Adhart gu Brath

Mar a chiureas Bahá'u'lláh an ceill dhuinn, is e aon dhreuchd Foillseachadh Dhe bhith a'cumail ris a'chinne-dhaonna comas-ghluasaid na soibhaltachd. An uair a thacras Taisbeanadh ur bithidh buaidh cho cruth-atharraichte air cridheachan agus anmanna nan duine 's gun tigeadh siobhaltachd ur gu mall an lathair. Dheantadh nochdaidh-saidheansail ur; thigeadh ur-bhrosnachadh air ceol is ealdhain; leasaicheadh foghlum ur, agus bithidh ath-bheothachadh na moraltachd agus, co-thorrach leatha, rianan nan lagh siobhalta uire 's caithe-bheatha ur ann. Bithidh am Facal-Dhe a'deanamh comais uire ann am mothachadh aig gach fear is te air leth agus cuideachd do'n chairdeas-dhaonna:

"Bithidh gach facal a theid a mach as a'bheul Dhe lan shoibhreas lethid de chomais is gun chuireadh e beatha ur a steach do gach fear is te ... Na h-obraichean iongantach gu leir a chi thu anns an t-saoghal seo bha air an nochdadh le gniomhachd A Sar-Thoil Fhein ..."[10]

Is e ruith nan Taisbeanadh Dhiadhaidh, mar dh'innseadh Báb dhuinn, "... cursa aig nach eil Toiseach agus aig nach bi Deireadh."[11] Bheir gach Foillseachadh Dhe ire a's ur ann an fhoillseachadh adhartach Toil agus Deoin a'Dhe.

Aig gach ire na h-eachdraidhe, mu dheireadh thall traoghaidh siobhaltachd a fhuaran-spiriodal agus toisichidh i a dhol na chriomagan. Toisichidh steidheachaidh dhaonna an tuiteam am broinn a'cheile; lughdaichidh beathalachd mhoralta agus, a reir coltais, caillidh Creideamh a sheadh agus a bhuinteannas. Ginidh neo-chinnteachd seagh na beatha imcheist is breisleach is call rathaid.

'S ann aig an ire seo a nochdadh Ur-Fhoillseachadh Dhe maille ri tomas a's laine de Bhrosnachadh-Neamhaidh air sgath ardachadh na siobhaltachd.


Is ann mar aon a Th' an Cinne-dhaonna

Innsidh Bahá'u'lláh dhuinn gu bheil mothachadh dhaonna daonnan ris a thoirt gu bhith.

Anns an suidheachadh sior-ardachadh siobhaltachd nan duine bithidh crioch a'mhean-fhais seo 'na fhios aig a h-uile duine gur ann mar aon a th' an cinne-dhaonna, agus bu choir dha curam fa leth ghabhail airson am ri teachd na cruinne:

"Mur eil aonachd a'chinne-dhaonna air a suidheachadh gu daingeann, cha bhuanaicheadh soirbheas 's sith 's dion a'chinne-dhaonna."[12]

Anns na sgriobhaidhean deireannach a labhair ris a'chinne-dhaonna mar aon, bhrosnaich Bahá'u'lláh an sluagh ceum a thoirt ’ ceum a dh'orduich Esan ’ airson euchd "Na Sithe a's Motha" a dheanamh cinnteach. Mhinich E gum faca E fulangas agus breisleach air toiseach a'chinne-dhaonna agus, nan chuireadh iad na doighean seo gu feum, bhitheadh na trioblaidean sin air an cur a's lugha.


An Neach Geallta nan Linn gu H-iomlan

Choisrig Bahá'u'lláh A bheatha gu leir do euchd sith agus aonachd an t-saoghail. Chaill E a bheartas an toir na teachdaireachd seo. Mhill E a shlainte. Chaill a mhac ghradhach a's oige a bheatha. Dh'fhulang E braighdeanas 's cradh 's fogarrach agus cha robh rud sam bith seo leis A thoil fhein. Gheill Bahá'u'lláh A thoil gu leir do'n Toil Dhe.

Co-ionnan ri Foillseachaidh Dhe a chaidh Roimhe, is Esan an da chuid Fear-labhairt Dhaonna agus Guth Dhe.

"An uair a mheomhraicheas mi, A Dhe agam, na cheangaileas mise Thugad, bhrosnicheadh mi a dh'eigheach air gach ni cruthaichte, "Gu firinneach is Dia Mise"; agus an uair a mheomhraicheas mi orm-fhin, seall, gheibh mi mi-thin na's suaraiche na criadh."[13]

Mar Foillseachadh Dhe air linn a'chomhlionaidh is E Bahá'u'lláh am Fear a gheall a h-uile sgriobtar bho'n am a dh'fhalbh: Is E "Miann nan Naisean" agus "Righ nan Gloir" Esan. Do'n chreideamh nan Iudhach, tha E 'na "Thighearna an t-Sluaigh"; do Chriosdalachd, is e "Tilleadh Chriosda ann an Gloir 'Athar" Esan; do Ioslam is e "Glaodhadh Mhor" Esan; do Bhuddhasnaich is e "Maitreya Buddha" Esan; do Ianndunaich is e "Chrisna" Esan; do'n Shoroastraich tha E na "Thilleadh Sháh-Bahrám'.


Aonachd Ann an Eu-coltas

Le euchd na fior-aonachd bithidh comas aig a'chinne-daonna a h-uile eadar-dealachadh sliochda agus cultura leasachadh gus an lanachd, agus 's iad nan saidhbhreas do'n a h-uile duine.

Rinn gach Foillseachadh Dhe serbheis 'na fhear-ionaid Toil Dhe. Uime sin, bithidh na Taisbeanaidh aca nan dileab aig a'chinne-dhaonna gu leir. Bithidh gach neach air an t-saoghal 'na h-oighre aig an tradisean spioradail sin.

"Dh'ardaicheadh pailliun na h-aonachd; Na seall air daoin' eile mar choigrich."[14]
"Rach cuide ri luchd-leanmhuinn gach creideimh ann spiorad a'chompanais 's na daimhealachd."[15]

Teachd gu Aois A'chinne-dhaonna

Mhinich Bahá'u'lláh dhuinn gum bheil an cinne-dhaonna air a bhith gluasad troimh na ire leanbhachd 's leanabais 's oigeir direach mar a mhothaicheas gach neach anns a'bheatha fhein. A nise, th' an cinne-dhaonna deiseil gu bhith an impis a thighinn gu ire. Thugadh dha comais uire agus cothroman uire air nach eil againn ach fios a's doilleire.

Feumaidh teachd gu aois a'chinne-dhaonna a thoirt orra lan chruth-chaochladh doighean an t-sluaigh.

Is e Ceartas a tha 'na phriomh-mheadhan cruth-chaochladh an t-sluaigh agus is e Ceartas euchd aonachd an t-saoghail. Tha aite ann am meadhann A theagaisg aig Ceartais:

"Is e Ceartas Solus nan duine ... bithidh prionh-aobhar a'Cheartais 'na Fhoillseachadh aonachd am measg nan duine. Eirichidh muir a'ghliocais-dhiadhaidh anns an ard-fhacal seo."[16]

Thaisbean Bahá'u'lláh reachd a'Cheartais-Dhiadhaidh. Bheireadh a steach E prionnsabail mar:

  • Mnathan co-ionnan ri fearaibh;
  • Is ann leis a h-uile duine a bhitheas saoibhreas an t-saoghail.
  • Dh'fheumadh beartas ro-mhor bhith a chur crioch air.

Innsidh Bahá'u'lláh dhuinn: "Chruthaicheadh gach duine airson gulain air adhart siobhaltachd sior-ardachadh."[17]


Foillseachadh Do'n Righrean

Thaisbeanadh na sgriobhaidhean aig Bahá'u'lláh air a'chuid a's motha ann an cor a'gheur-leanmhuinn agus fulangais. An deidh dhaibh 'ga dh'imich gu baile Chonstantinople, ghabh an t-ughdarrais nam Ottoman gnothach air cho mor 's a bhitheadh am buaidh Aige agus chuir iad rompa na fogarraich an cur thairis gu h-Adrianople. Rinneadh an imrich ann teis mheadhann geamhraidh gu sonruichte garbh. Dh'fhulaing na fogarraich bliadhna sar-fhulangais nuair an robh iad as aonais gu leor dhe'n bhiadh no aodach no dhion.

Air feadh na h-ama seo, thoisich Bahá'u'lláh glaodhadh A theachdaireachd a chur do "Righrean agus Luchd-Riaghlaidh an t-Saoghail." Thug E cuireadh air gach aon dhiubh cuideachadh a thoirt dha thoirt gu buil na dh'ainmich E "An t-Sith a's Motha" -- ordugh an t-saoghail air a steidhichte air aonachd agus ceartas.


Braighdeanas anns an Duthaich Naoimh

A staigh bliadhna A theachd ann an Adrianople, tharruing Bahá'u'lláh uidh, anns a'cheud aite, agus an uairsin meas nan duine allail. Thug an riaghaltas roimhe Esan a dh'fhuadachadh gu maireannach do'n aite far nach bitheadh tarruing eile Aige. Thagh iad, airson A fhuadachaidh mu dheireadh, baile dideanach 'Akká (Acre) air oirthir na Duthcha Naoimh. Bha 'm baile-phriosan shuaicheanta seo 'na chuis-mhaslaidh airson cliomaid mhosaich agus airson nan galar eagalach. Chuireadh na h-eucoraich na's chunnartaiche ann an siud agus cha bhitheadh duil aig duine sam bith gum mhaireadh e fada. B'ann an seo, 'sa bhliadhna 1868, a ghlasadh Bahá'u'lláh agus A theaghlach air falbh. Dh'eug iomadh ball cuideachd beag nan fogarrach air aobhar easbhaidh uisge glain agus bidh. Anns a'chor mhosach seo, lean Bahá'u'lláh air oraid a sgriobhadh do'n luchd-riaghlaidh an t-saoghail.


Creideamh ’ Solus agus Dorchadas

Dh'aidich Bahá'u'lláh an cuideachadh mor a thug creideamh-orduichte do'n siobhaltachd agus leas-mhor a thug an saoghal bho'n fhein-iobairt agus ghaol-dhaonnachd aig moran cheannardan dhiadhaidh gach creideimh. Ach dhit gu laidir E ciamar a dh'fhas creideamh 'na chuis-fhuatha agus 'na chuis-chogaidh. Cor is ceud bliadhna air ais, thug Esan an rabhadh seo:

"Is iad eudmhorachd agus fuath nan creideamh nan teine saoghal-shluigeach aig a bheil foinneart nach bath duine sam bith. Bithidh comas aig an Lamh Cumhachd-Dhiadhaidh a mhain a shaoradh an cinne-dhaonna bho 'n sarachadh leir-sgrioste seo."[18]

Thruailleadh priomh-spreaghadh a'chreideimh agus troimh na ceud bliadhna mu dheireadh chaidh an cairdeas eadar an cinne-dhaonna agus Dia a sgaradh:

"Tha beathalachd creideamh a'Dhe aig gach fear is te a'basachadh air feadh an t-saoghail: chan eil dad ann ach an iocshlaint fhallain Aige-san a dh'fhaodadh leighis a chur air idir."[19]

Cumhnant Dhe ris A'chinne-dhaonna

Anns a'bhliadhna 1877, mu dheireadh thall, thainig Bahá'u'lláh an uachdar bho braighdeanas cruaidh baile-phriosan Akka agus dh'imrich Esan leis A theaghlach do fhearann bheag nach robh moran miltean gu tuath a'bhaile. An de da bhliadhna eile, dh'imrich E gu Taigh Mor Bahji far an chuir E seachad fuidheall A bheatha.

Air feadh a'Dhluth-ear agus a'Mheadhon-ear thoisich niuclas cho-chomuinn cruth a ghabhail am measg nan duine a ghabh ris an teachdaireachd Aige. Thaisbein Bhah'u'llah riaghailt nan lagh agus nan steidheachadh air an tionnsgnadh airson nan prionnsabail a bh' anns na sgriobhaidhean Aige an toirt gu buil. Rinneadh bacadh nach eiricheadh 'elite' nan cleir agus thughadh an aite sin ughdarras do chomhairlean a bhitheas air an taghadh gu sluagh-fhlaitheach. Shuidhicheadh doighean airson co-dhunaidhean nan comhlan agus bhitheadh iad steidhichte air phrionsapail comhairle nam Bahá'í.

B'ann an teis-mheadhon na riaghailte na dh'ainmich Bahá'u'lláh "Cumhnant Ur" eadar Dia agus an cinne-dhaonna. Is e buil tighinn gu aois nan duine gum bi an cinne-dhaonna gu leir fiosrach air a fhein-aonachd agus air an t-saoghal mar aon-thir dhuthchasach. Fosglaidh am fiosrachadh seo slighe ur a'chairdeis eadar Dia agus an cinne-dhaonna. Mar bhuil a'chardeis seo, thig cinneadh ur dhaonna an uachdar agus toisichidh obair na togalach air an t-siobhaltachd dhomhanta.

Tha co-chomann chinneachdach eadar-naiseanta nam Bahá'í 'na cho-dhearbhadh an cinnteachas aig Bahá'u'lláh gun urrainn do 'n chinne-dhaonna, ged a bhitheas e lan eugsamhlachd, dh'ionnsachadh ciamar a bhitheas agus a dh'oibricheas e mar an t-aon phoball anns an tir dhuthasaich dhomhanta. 'Na h-aonar am measg creideimh shaoire an t-saoghail, chaidh Creideamh nam Bahá'í (agus na luchd-chreidmheach Aige) thairis gu soirbheachail air a'cheud linn dearbhachaidh anns a'Bhith aca; agus tha an t-aonachd aca gu daingeann slan agus i as aonais dochainn le eas-aontachd 's aimhreit.


Iomraidhean (Use [BACK] to return to article.)

  1. Bho sgriobhaidhean a' Bháib.
  2. Bahá'u'lláh, The Hidden Words of Bahá'u'lláh, (Wilmette: Bahá'í Publishing Trust, 1985), Arabic Nş 12.
  3. Ibid, Nş 2 (Arabic).
  4. As-aithris bho im Phrionnsa Zaynu'l-'Abidín Khan, ann: Shoghi Effendi, God Passes By, (Wilmette: Bahá'í Publishing Trust, 1987), p. 135.
  5. An difhis chunntas seo ag As-aithris le 'Abdu'l-Bahá ann: J. E. Esslemont, Bahá'u'lláh and the New Era, (Wilmette: Bahá'í Publishing Trust, 1987), p. 170 and in Tablets of Bahá'u'lláh Revealed after the Kitáb-i-Aqdas, (Haifa: Bahá'í World Centre, rev.ed., 1982), pp. 22-23, respectively.
  6. Bahá'u'lláh, Gleanings from the Writings of Bahá'u'lláh, (London: Bahá'í Publishing Trust, 1978), XXII, pp. 50-54.
  7. Ibid, LXX, p. 136.
  8. Ibid, XXXIV, pp. 79-80.
  9. Ibid, XXIV, p.59.
  10. Ibid, LXXIV, p.141.
  11. Shoghi Effendi, The World Order of Bahá'u'lláh: Selected Letters, (Wilmette: Bahá'í Publishing Trust, 1982), p. 117.
  12. Gleanings, CXXXI, p.285.
  13. World Order, pp. 94-96.
  14. Tablets, p.164.
  15. Ibid, p.22.
  16. Ibid, pp. 66-67.
  17. Gleanings, CIX, p. 214.
  18. Ibid, CXXXII, p. 287.
  19. Ibid, XCIX, p.199.



CEANN AN DUILLEAG